Fàilte oirbh gu làrach-lìn Bòrd na Cuimris, far am faighear fiosrachadh inntinneach agus feumail mun Chuimrigh, Cuimris agus obair a' Bhùird anns a' Chuimrigh fhèin, agus thall 's a-bhos.
'S e buidheann reachdail a th'anns a' Bhòrd, a chuireadh air bhonn ann an 1993 an dèidh do dh'Achd na Cuimris nochdadh; 's e amas a' Bhùird daoine a bhrosnachadh gus an cànan a chleachdadh. Tha an làrach a' sealltainn na h-uiread de dhòighean anns a bheilear a' dèanamh seo. Chithear cuideachd mar a dh'fhaodas sibhse, mar neach fa leth, companaidh no buidheann an cànan a chleachdadh airson seirbhis dà-chànanach a thairgse.
Tha e gu math cumanta do dhaoine barrachd is aon chànan a bhith aca - tha còrr is 60% de shluagh an t-saoghail dà-chànanach. Ma tha sibhse airson Cuimris ionnsachadh, no gun tèid ur pàiste oideachadh sa chànan, ma tha sibh ag obair air pròiseict 's an sgoil no 's a' cholaiste mun chànan, no mur a bheil sibh ach airson barrachd fhaighinn a-mach mun Chuimris agus dà-chànanas, gheibhear am fiosrachadh air fad air an làraich.
Tha am Bòrd dhen bheachd gun ionnsaich coimhearsnachdan far a bheil mion-chànan air a chleachdadh, bho chàch a chèile, is tha sinn gu mòr airson a bhith ag obair le gach neach a tha a' feuchainn ri aire dhaoine a tharraing a dh'ionnsaigh nan cànan seo. Nam bu mhath leibh barrachd fhaighinn a-mach mun obair againn, cuiribh post-dealain gu
[email protected]
Putaibh an seo airson cumail air adhart sa Bheurla
Putaibh an seo airson cumail air adhart sa Chuimris